(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Children's Library | Biodiversity Heritage Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Profit and loss, no, Call agus buannachd"

ISffl 



m 



Digitized by the Internet Archive 
in 2013 



http://archive.org/details/profitlossnocall1810glas 



No. 21.] 




Prqfit and Loss/9j^ 



NO 



CALL AGUS BUANNACHD. 



JL HA eòlas aig gach ceannuiche air brigh nam briathra 
Call agus Buannachd. Is tiodal iad oscionn cunntas 
ann a leabhraichibh, a thà taisbeanadh staid a gnothuichibh 
agus o'm faic e aig aon sealladh, co dhiùbh a tha e soirbh- 
eacha' no nach eil. 'Nuai bha mis a'm òganach anns an 
scoil, bha e glè dhoilich dhomh a thuigsinn cionnus a 
fla*fheudadh da ni co mòr an aghaidh a chèile a bhi air an 
fcur anns an aon chun l as ; agus mhìnich i Maighstir-scoil an 
bì so ; le innseadJi dhomJ an call uile a dol a chum 

aon taobh, ag-us a bhuannachd a dol a chum ai uoibh eile, 
Tha leavner ann gu raor is cudthiomaich na Lèdger* 
■eannuiche, anns am briathra cèudna air an gnath- 

acha' a thaoibh cunntais bu chòir do gach dnine a gh I ail 
dheth fèin, a chum a thuigsinn am bheil a chùisean a 

staid soirbhichidh no ann an staid sgriosaidh. 'S 
briathra, Mata xvi. 26. " Ciod an tairbhe a ta ami do 
dhuine, ge do chosnadh e an saoghal uile, agujs anam fein 
a chall?" An *o tha ceist, Call agus Buannachd, gu 
leir air a cur s : >s. Ata i air a cur ris gach duine agus ris 
gach ribhd dhaoine gun eadardhealacha' sam bith, do bri 



* Leabhar cnnntais. 



2 

gu bheil na h-uile filìte innte. Tha buannachd an t-saoghail 
agus call an anma air an aon taobh, agus buannachd an 
anma, le feudaidh e bhi, call an t-saoghail air an taobh eile. 
Shaoilte, aig e chèud sealladh, gu bheil call agus buan- 
nachd air gach taobh, ach an uair a tha' n cunntas air a 
sgrùdadh,* agus air a dheanamh suas, chithear gur call an 
t-iomlan air an aon taobh, agus gur buannachd an t-iomlan 
air an taobh eile; — oir cha bhuannachd, buannaehd an 
t-saoghail ma chaillear an t-anam, agus cha chaìl calì an 
t-saoghail ma shaorar an t-anam. 

? Nuair chuir losa Criosd a cheist so ra dheiscioblulbh, 
bha"e làn fiixosrach air a cudthrom, mar luidh i dlù r'am 
buannachd shiorruidh. Cha neil a cheist a bheag sam bith 
n'ìs lugha cudthrom do'n neach a lèughas an leabhar bheag 
so. Tha e <uimesin air earalachadh an gnothuch a ghabhal 
gu cudthromach gu cridhe. Dealbhadh c air a shon fèin 
freagradh do n' cheist, Ciod an tairbhe a ta ann do dhuine, 
ge do chc dh e an saoghal uile agus anam fèin a chall? 
Is aithne do Iosa Criosd luach an t-saoghail, oir is e 
chruthaich e agus gach ni a ta ann; agus Is aithne dha luach 
anam an duine, a chruthuich e neo-bhasmhor. Tha 'n 
saòghal air a dhealbh do nithe truaillidh. Tha e air òr- 
duchadh chum sgrios agus ann an ùine gheàrr bithidh e air 
a losgadh suas: ach bithidh an t-anam beo gu brath. Cha 
neil milte do mhilte do linnibh ach mar a mhoment a chaidh 
seachad a nuair a choimeasar aid ris an àine is beo an 
,t-anam. Cia luachmhor e uimesin! Cha chomasach an 
t iomlan do ainglibh neamh a luach àireamh. 

Xiiiachmhor do-chur-an-cèill mar a ta e, chailleadh e. 
'Seagh a .Leughadatr. tha anam gach fir agus mnatha a tha 
air am breith a chum an t-saòghail cailte. Cha 'n ann caillte 
thaobh bith, o'r cha 'n fheud sin gu brath tachairt, ach 
caillte thaobh gach ni tha buannacl ann am bith. 

Cailke thaobh stilbh ann am fabhar De; agus uimesin 
caillte thaobh sonais, agus buailteach do gach ni tha uabh- 
asach ann am fearg an Dè Uilechumivichdaich. *Se so 
toradh a pheacaidh, an nrs aobhar do gach truaigh agus 
bas a tha anns an t-saoghail. Sgar am peacadh an duine o 
Dhia, an sin bha - agus tha gach peacadh a tha e 

cur an gniomh na thoradh agus na fhianuis air gu bheil e 
caillte. '* Dhamhairc an Tighearn anuas o nèamh air cloinn 
nan daoine a dh'fèuohainn an robh neach aun a bha dean- 
amh maith, ach cha d'fhuar eaon; — bha aid uiìe caillte, 
oir ^haidh aid uile air seacharan," Salm xiv. 1 — 3. 

* Air a chea6nachadh. 



Nuair a tha na scriobtuire a cur an cèill gu bheil na h-uile 
dhaoine caillte, cha'n ann chum an treòracha' gu ea-dòchas, 
mar gu 'm biodh e neo-chomasach an call a leasachadh; 
oir tha iad cur an cèill gun d'thanig Mac an Duine a shir- 
readh agus a thearnadh a ni sin a bha caillte. Chaidh sinn 
uile, mar chaoraich air seacharan; thionndaidh sinn, gach 
aon g'a shlighe fein; agus ieag an Tighearn air-san aingidh- 
eachd gach aoin dinn. Isa. liii. 6. Ghiùlain e peacanna an 
iomlain a chreid, no a chreideas ann gu bràth. Air an 
doigh so rinn e ullachadh arson saoradh a ni sin bha caillte: 
agus mar thoradh air na rinn agus na dh'fhuiling e, tha 
sluagh do-àireamh do pheacich chaillte ai^ :an saoradh. 
Thug e a bheatha fein na h-èirig arson na droing a bha 
caillte. Mar sin a tha sinn a cluin-ntinn abstol ag radh 
" Ghiùlan e ar peacanna 'na chorp fèin air a chrann, chum 
air dhuinne bhi marbh do n' pheacadh, gu'm bitheamaid beò 
do dh'fhireantachd: neach a tha sibh air bhur slanuchadli 
le bhuillibh: Oir bha sibh mar chaoraich a dol air seacharan; 
ach philleadh sibh anis chum Buachaille agus Easbuig bhur 
n-anaman," 1 Phcad ii. 24, 25. 

Ann ar staid nàdurra tha sinn uile fuidh fhiachaibh ào 
lagh agus do cheartas Dè, oir " is malluichte gach aon 
nach buanaich anns na h-uile nithe a ta sgriobht ann an 
leabhar an lagha chum an deaneamh," Gal. iii. 10. Uime 
sin is uabhasach an t-suim a tha seasamh 'nar 'n aghaidh 'sa 
chunntas sin. Is fiachaibh ciont agus neo-fhireantachd iad 
nach comasach do dhuine air bith ìocadh gu bràth air a 
shon fèin, no crèutair sam bith eile as a leth: ach an nuar 
a tha Criosd a tabhairt peacach caillte air bith, gu bhi cur 
a dhòchas Annsan, agus gu cùl chuir ris gach dùil bh'aige 
ri fhiachaibh fein iocadh; tha flreantachd iomlan Chriosd 
air a meas do n' pheacach sin mar làn fhreagradh do 
agartas* lagh agus ceartais 'na aghaidh. Air do Dhia, 
Athair agus Breitheamh nan uiie a bhi lan toilichte le 
fìreantachd a Mhic ghràdhaich tha e ga measf don pheac- 
ach chreideach mar fhireantachd, — tha e maitheadh fiach- 
adh na neo-fhireantachd a bha na aghaidh, agus tha e ga 
aisig chum a dheadh-ghean, an ni se beatha. An sin their- 
ear ma leithid sin do neach, " Bha e marbh agus tha e beò 
arìs, agus bha e caillte, agus fhuaradh e." 

" Is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gu'n d' thug 
e aon-ghin Mhic fein chum 's ge b'è neach a chreideas ann 
nach sgriosar e, ach gu 'm bi a bheatha shiorruidh aige." 
Eoin iii. 16. Thainig Criosd a chum an t-saoghail mar air 

* Iarrtas. f Tha e ga cur ri cunntas a pheacaich, 



4 

a chur leis an Athair, agus, an uair a thoisich e ag àm air 
bith air ìabhairt mu ghnothuichibh Athair, 's ann mar ri 
daoine caillte a labhair e ri peacachaibh. " Chuireadh 
mise," deir e, " chum caoraich chaillte tighe Israel." 
" Thainig mise" (oir bu Teachdaire toileach Criosd) " cha 
'n ann a ghairm nam fìrean ach nam peacach a chum aith- 
reaehais." Rinn na Scriobhuichean agus na Phairisich 
gearran 'na aghaidh, ag radh, " Tha'n duine so a gabhail 
pheacaich do ionnsuidh, agus ag itheadh maille riu." Ghabh 
Criosd ri so mar fhìrinn, gu h-ealamh agus dh'fhìrinnich se 
e fein anns an ni a bha e deanamh le cosmhalachd na caor- 
ach caiìlte, a bhuinn airgid, agus a Mhic struidheil. Lucas 
xv. Mar gu'n abradh e, 'se mo gnothuich àirid-sa peac- 
aich shirreadh* amach agus gabhail riù. C'àite am bu 
ehòir do fhear-teagaisg a bhi ach arneasg nan aineolach — 
do leigh a bhi, ach ameasg nan daoine tinne — do fhear- 
saoraidh a bhi, ach ameasg nam muinntir chaillte? Air dha 
obair a chriochnachadh air thalamh trid a bheath a leagadh 
sios arson a chaorach caill'te,— r dhèirich e o na marbhaibh, 
agus thug e ùghdaras d'a abstolaibh gu dol feadh an t-sao- 
ghail gu h-iomlan agus an soisgeul a shearmonacha do gach 
dùil,f a' gealltuinn ge be chreicìeadh gu 'm biodh aid air 
an saoradh. 

Am feadh a tha aig na peacaich a thig dh'ionnsuidh 
Chriosd, gach ni a chaill aid air a làn aisig dhoibh annsan: 
'sèigin dhoibhsan leis nach àillteachd da ionnsuidh buanach- 
adh mar a tha aid, 'n an staid chaillte. Cha neil aid a 
mochachail 'san àm ta làthair, air am fior staid, ach tha 'n 
t-àm a' teachd anns am bi e neo-chomasach dhoibh buan- 
achadh ann an aineolas air. Nuair chur Criosd a cheist, 
" Ciod a bhuannachd a ta ann do dhuine, ge do chosnadh 
e an saoghal uile, agus anam fein a chall?" — cha be call 
dhaoine 's an àm a ta làthair amhàin a bh'aig na bheachd, 
ach gu h-àirid call siorruidh nan uile a dhùilteadh èisdeachd 
ris, agus a bhi umhaì dhà. Bheir iadsan uile leagas do là 
na slàinte dhol seachad, agus gheibh bàs nam peacanaibh, 
call orra fein a bhitheas neo-chriochnichte agus do-Ieas- 
aichte, — eadhon calldach siorruidh an anma fein. Càit an 
sin am bheil am buannachd ged do chosnadh iad an saoghàl 
tiile? 

A Leughadair, tha a cheist so air a cur riutsa. Is ni 
cinnteach e, gu bheil anam neo bhàsmhor agad; agus co 
cinnteach, gun chailleadh e a thaobh a pheacaidh; tha e 
cinnteach mar an ceudna gun d'thainig Criosd a shirreadh 

* Iarraidh. f Creutair. 



agus a theàrnadh a ni sin a bha caillte. Mu chreideas tu 
an ni a deir esan uime fein, agus mo thig thu da ionnsuidh 
arson slàinte, teàrnar thu gu cinnteach; buithinnidh* tu 
t-anam fein, — agus seilbhichidh tu sonas siorruidh. Ach 
mar àill leat teachd gu Criosd arson slàinte, ma ghràdh- 
aicheas tu an saoghal a ta làthair agus gu'n roghnaich thu 
e, an sin gu cinnteach bithidh t-anam caillte, agus caillte 
gu siorruidh. 

Ann an cur an cèill na nithe cinnteach so-, cha neil mi 
labhairt ann an teagamh: Tha focal an Tighearna tabhairt 
fianuis orra uile, agus cha neil ni air bith is cinntiche na 
gur firinn an ni deir Esan. — An ti a chreideas anns a Mhac, 
tha bheatha mhaireanach aige; agus cha d'thig e chum 
dìtidh. An tì a thig am ionnsuidhse cha tilg mi air chor 
sam bith amach e. An tì nach eil a creid-sinn anns a 
Mhac, cha'n fhaic e beatha; ach tha fearg Dhè gabhail 
comhnuidh air. Agus an uar a dh'fhoillsichear an Tigh- 
earna Iosa o neamh maille ri aingìibh cumhachdach, ann 
an teine lasarra, a deanamh dioghaltais air an droing aig 
nach eil eòlas air Dia, agus nacfa eil umhal do shoisguel ar 
Tighearna Iosa Criosd: Muinntir air an deanar peanas le 
sgrios siorruidh o lathair an Tighearn agus o glòir a chumh- 
achd. 2 ThesaL i. 7, 8, 9. 

Nuair tha a cheist air a cur, " Ciod an tairbh a ta ann 
do dhuine, ge do chosnadh e an saoghal uile, agus anam 
fein a chall?" tha e soilleir gu 'm hheiJ so a filleadh ann gu' 
bheil an saoghal a seasamh calg-dhireach an aghaidh buann- 
achd an anma; agus gu'm fèud an t-anam a bhi caillte am 
feadh a tha 'n saoghal gu dian air a leantuin, agus moran 
deth air a bhuithinn. Tha e co soilleir, 's a tha e gu bheil 
an saoghal ann, gur e 'n saoghal agus a nithe, a tha chuid 
mhor do mhuinntir gu sònraicht a leantuin agus ag iarraidh 
le 'n uile chridhe mar na cuispearan is roghnuich leò. Ciod 
is ciall do 'n bhuaireas agus do 'n chabhaig a chi sinn ma 'n 
cuairt duinn gach là? Tha e gu h=iomlan arson buannachd 
an t-saoghail so, arson càrnadh suas a shaibhreis, arson àite 
inbheach ann, no seilbh ann a shòlasaibh. 

A Leughadair, an e 'n saoghal an euspair anns' a bheil 
do thlachd is àirde? Am bheil do chridhe suidhicte gu dian 
air a bhi beartach? An ann air a so a tha do smuaintean 
's an là, agus t-aislingean 's an oidhche? Tha mòran na 'n 
innseadh aid an fhirinn, a dh'aidicheadh so a bhi fìor ma 'n 
tiomchail fein. Tha mòran a saothrachadh gach là, agus 
rè an là gu h-iomlan, agus nach -eil an cridheachan fois anns 

* Buannaichidh. 



6 

an oidhche. Cha neil ùin sam bith aca gu smuanachadh 
mu shaoghal eile. Cha là fois eadhon sàbaid naomh an 
Tighearna dhoibhsan. Cha'n àill leo an cridhe a thionnda 
o'n t-saoghal car aon uair; no, ma tharlas do 'n corpaibh 
bhi car uair ann an tigh-aoraidh, tha 'n cridheachan agus 
an anamaibh aig gnothuichibh an t-saoghaiì. Leis a lethid 
so do dhichioll agus do shaothair 's glè chosmhuil, gu 'm 
buìthinn aid an ni air am bheil aid an tòir. Bithidh an 
tuarasdal aca, Ged nach buithinn aid an saoghal gu h-iom- 
lan, tha e comasach mòran tuille a shealbhacha dheth na 
dh' fhèumar a chum gach anmiann feolmhor a shàsacha', co 
fad 'sa tha e comasach an sàsachadh. Ach na dhèidh so 
gu lèir, càit am bheil a bhuannachd an uair a dh'iarras Dia 
an anam uatha? Feudai' sin a bhi gu h-aithghearr. Bith- 
idh e ann an uair nach saoil aid. Feudai' e bhi air an 
oidhche so fein — air an uair so. A lèughadair smuainich 
na 'm bè so do chorsa, ciod, an sin, a bhuannachd a bhiodh 
ann do shaibhreas uile? Ciod, an sin, b' urrinn an saoghal 
a dheanamh dhuit, ged bu l'eat e uiìe? Tha t-anam caillte, 
an sin tha 'n t-iomlan caillte, agus caillte gu siorruidh. 

Smuainich air na nithe so mum bi e tuille is anmoch. 
Cha neil e comasach dhuit seirbhis a dheanamh do Dhia 
agus do Mhamon. Ma 's e Mamon do roghain, cha neil 
teagamh nach dean thu seirbhis dà, agUs am feadh a thoilich- 
eas tu do choguis le coslas diadhachd, cuiridh tu cùl ri 
seirbhis an Dia fhior. Ach am bheil Mamon comasach air 
do shaoradh? 'Nuair a ghairmeas tu air ann an là do 
thrìoblaid am freagar e thu? An cuidich e leat a»n an uair 
a bhàis, no 'n saor e t-anam? Tha fios agad nach saor, — 
nach comasàch e, oir cha Dia e. Ach tha aig an Dia fhior 
-gach cumhachd air nèamh agus air talamh: an Dia sin, a 
tha thusa cur càl ri sheirbhis, a rinn thu a lagh a bhris- 
teadh, agus tha thu cur cùl ri shoisgeul, mar ni neo-airidh 
air do thlachd, ameasg nithe a tha thusa meas gu mòr n'is 
cudthromaiche: tha esan comasach air saoradh agus air 
sgrios: tha e comasach air thusa shaoradh ma thig thu d'a 
ionnsuidh trìd Iosa Criosd mu 'm bi e tuille 's anmoch: ach 
ma leagas tu là na slàinte seachad, sgriosaidh e thu le sgrios 
siorruidh. " Is e nis an t-àm taitneach 'se 'n diu ià na 
slàinte." 

Cha neil na nithe so air an cur an cèill amhàin dhoibhsan 
a tha saibhir, no a tha stri ri bhi saibhir. Tha iad co freag- 
arach do gach aon aig am bheil a chridhe suidhichte air an 
t-saoghal, no, air an tomhas a tha e sealbhacha dheth, ma 
tha e beag no mòr. Tha daoine saibhir anns an t-saoghal 
agus daoine bochda, daoine struidheasach agus daoine 



eriombach,* agus tha iadsan tha arms g?xh staid diubh so a:T 
dhoibh ann saoghal a ghradhachadh, anns an aon chunnart 
an anam a chall. Tha cuid do dhaoine saibhir ann, aig am 
bheil, trìd gras De, an ionmhas air nèan.h, agus an cridh- 
eachan an sin; am feadh a tha iad a mcas an t-saibhreas 
shaoghalta a tha iad a sealbhachadh, mar thioìac o'n Tigh- 
earn, a chum a bhi air a gnàthacha' 'na sheirbhis. Agus 
tha cuid do dhaoine bochd, aig am bheil an cridhe anns an 
t-saoghal amhàin, a mianachadh saibhreas a chum a chaith- 
eadh air an anmiannibh; agus a sanntachadh an ni a tha e 
neo-chomasach dhoibh a sheilbhachadh. — Ma tbàrlas gu 'n 
lèughar an leabhar beag so le cuid don' mhuintir siii. thug- 
adh iad fainear, ma tha na daoine saibhir 'an cur.nart an 
anmaibh a chall, nach eil iadsan ann an staid thearumte do 
bhri gu bheil iad bochd. Cha neil nis mò do thearuinteachd 
'san aon staid no 'san staid eile. 'Se gradh an t-saoghail 
agus cha 'n e bhi 'n seilbh air, anns am bheil an cunnart. 
Tha e co neo-chomasach do neach Dia agus an saoghal a 
ghràuhacha', agus a tha e seirbhis a dheanamh do Dhia agus 
do Mhamon; " oir mo ghràdhaicheas neach air bith an 
saoghal, cha neil gràdh an athair ann." A lèughadair bheil 
thu fiosrachf gu bheil thu gràdhachadh nithe an t-saogh- 
ail nis mo na Dia? ma tha 's ni cinnteach gur e 'n saoghal 
amhàin thà thu a gràdhachadh, agus gu bheil thu folamh 
do ghràdh Dhe. Smuanich air cunnart do staid. Ciod a 
ni thu a nuar a ghairmear thu gu seasamh an' làthair cathair 
breitheanais an Dè sin do nach eil gradh agad? Le saothar 
chruaidh agus criombarachd,J fèudaidh tu ruigheachd air 
cuibhrionn do'n ni sin da 'm bheil gràdh agad; ach ged a 
chàrnadh tu suas na dh'iarradh do chridhe, agus t-anam 
fein a chall, càit am biodh a bhuannachd? 

Is beag an tomhas do'n t-saoghal so is comasach duine 
air bith a bhuithinn le uile shaothar. 'Nuair roinnear 
ionmhas an t-saoghail ameasg cheuda do mhilleanaibh, is 
beag an earrainn thig air gach aon. Ach tha Criosd a'cur 
an cèilt ge do bhiodh e comasach do dhuine an saoghal uile 
bhi fo a chumhachd; ciod a dheanadh e dhà? Ma chailleas* 
e anam càit am bheil a bhuannachd? A lèughadair, tha ni 
agad ann do sheilbh is luachmhoire na 'n saoghal uile; 'se 
sin t-anam neo-bhàsmhor fèin^ 

Tha mòran do nithe luachmhor anns an t-saoghal, ach 
ciod is fiù iad uile dhuitse, ma chaillear t-anam? Is maith 
gach ni a chruthaich Dia; ach 'sluachmhoire dhuitse t-anam 

* Penurious — aìnheach. f Coinseasach. 

\ Penury — bochdainn^ biastalachd, 



8 

na iad uile. Is euspairean mòr agus maiseach a ghrian, a 
ghealach agus nareultan; ach 'smo dhuitse t-anam na'iad 
uile. Smuainìch mata, ge do bhiodh e comasach gu 'n 
seilbhicheadh tu mìle saoghal, agus sin rè mìle bliadhna, 
càit am hiodh a bhuannachd fadheoidh, na 'n cailleadh tu 
t-anam? — Lèughar agus molar na nithe so le mòran, agus 
air dhoibh an leabhar so a chur seachad, nach smuainich 
tuilleadh mu'n chuis, ach thèid iad agus leanaidh iad an 
saoghal co dian 'sa rinn iad a riamh. Aontaichidh iad leis 
na fìrinnean a dh'ainmicheadh mu luachmhorachd an anama, 
agus cha'n urra iad gun aontachadh leis nach eil fèum sam 
bith anns an t-saoghal do neach a tha ga fhàgal, agus dol 
a chum siorruidheachd. Ach cha neil buaidh fhabharach 
sam bith aig an aidmheil so air an inntin no air am bèus- 
aibh. • Is fearainn fo dhruidheach an saoghal. Tha e làn 
do dhiomhanasaibh breugach, leis am bheil an inntinn air 
a mealladh; agus a neach a tha air a lionadh le gràdh an 
t-saoghal, tha e air a mheaìladh le falasaibh an àite fìor 
nithe, tha inntinn suidhichte air diomhanasaibh na beatha 
ta làthair, agus a deanamh dèarmad air na nithe cudthrom- 
ach a bhuineas do shiorruidheachd. 

Cha 'n ann amhàin o ghràdh do shaibhris a tha 'n staicf 
inntinn mhuladach so a sruthadh. " Tha 'n inntinn fheòl- 
mhor na naimhdeas an aghaidh Dhia cha neil i umhal da 
lagh Dhè, is cha mhò a tha e 'n comas di bhi. Tha daoine 
nan coimhich do bheath Dhè, thaobh an aineolas a ta annta, 
tre chruas an cridhe.' , Se so am fior aobhar o<m bheil iad. 
a cur an' aghaidh na flrinn, a cur cùl ris an t-soisgeul, agus 
a taisbeanadh mi-shuim da 'm buannachd shiorruidh. Tha 
iad a gràdhacha' a pheacaidh, agus uime sin tha gràdh aca 
do 'n t-saoghal a tha taisbeanadh agus ag ullachadh dhoibh> 
cothromaibh agus meadhonaibh a chum ari anamhianna a 
shàsachadh. Is teagasg a rèir diadhachd an soisgeul, uime 
sin tha iad a cur cùl ris; is i an t-slighe chum na beatha 
maireanaich, slighe na naomhachd, air an aobhar sin cha'n 
àill leo gluasad innte; is e is crioch do 'n t-slighe so foir- 
feachd ann an naomhachd, saorsa o 'n pheacadh, agus seilbh 
air sonas iomlan an' làthair an Ti ta naomha; ach cha neil 
maise sam bith 's- an staid so 'nam beachdsan agus cha neil 
iad ga miannachadh, An àite bhi 'g iarraidh Dhè agus a 
bhi sealbhachadh a làthaireachd, si is càinnt doibh, " imich 
uainn, cha'n àill leinn eòlas a ghabhal air do shlighe." 

" Ach 's aid so" a deir sibh " na h-aingidh." 'S iad; 
ach co iad nach eil aingidh? Tha sibh a smuanachadh, 
feudaidli e bhi, air daoine bèusach, measail, a tha 'g iocadli. 
am fiachan, nach eii a deanamh èucoir air duine sam bithj. 



9 

agus eadhon a tha f èumaiì ann an gnothuichibh na beatha 
so. Tha lethid so do dhaoine anns an t-saoghal, agus nar 
leigadh Dia gun abrainnse nach eil eadar-dhealachadh sara 
bith eadar iadsan agus na daoine tha gu follaiseach èucor- 
ach. Tha e soilleir do gach neach gu bheil eadar-dhealacha' 
mòr eadar giùlan aon duine agus giùlan duine eile a thaobh 
nithe an t-saoghail so. Ach ma tha na daoine measal so 
ag earbsa aste fèin gu bheil iad fìreanta, agus a cur cùl ri 
soisgeul Chriosd; ma tha an cridheachan co làn do chùram 
agus do smuaintean mo nithe na beatha so agus gu bheil 
iad a leigadh dearmad air na nithe a bhuineas do'n t-sior- 
ruidheachd; ciod sam bith a meas a tha orra measg 
dhaoinibh, is naimhdean iad do Dhia, seadh tha iad co 
aingidh na làthair, agus an staid co cunnartach, agus gubheil 
Criosd ag ràdh mu'n leithidibh sin " gun d'thèid na strio- 
paichean a steach do rioghachd nèamh air thoiseach orrasan." 
Cha 'n fhaic an Tighearna mar chì duine: amhaircidh an 
duine air coslas an taobh a muigh, ach amhaircidh an 
Tighearna steach air a chridhe. Arson crìochan giice, 
shuidhich an Tighearna ann an cridheachibh dhaoine gu 
coitchionn grain do na ciontaibh sin a tha ciurramach,* 
dhoibh fein mar tha morta, adhaltranas, misg, gaduigheachd, 
agus an leithidibh sin. Bithidh an droing a ni an leithidibh 
sin air am meas gràineil, leòsan uile tha bèusach; agus is 
ceart gu'm biodh a chùis mar sin. Ach tha aig daoine, gu 
cumanta, beachd fior iosal air peacanaibh mar air an cuir an 
gniomh an aghaidh Dhia. Tha iad a dichuimhneachadh gur 
i chèud aithne agus an àithne mhòr, Dia a grr/adhachadh leis 
an uile chrìdhe agus anam; agus gur e bristeadh na h-àithne 
so is mò, am peacadh is mò. Tha an nì so air a dhearmad- 
acha gu cumanta le daoine, ach cha neil a chuis mar sin 
maille Risan leis am bheil smuaintean comaith re gniomh- 
ara air an cothromachadh, an Ti aig am bheil a bhreith- 
eanas a ghnà a rèir fìrinn, agus a bheir breth air gach duine 
aig an latha mhòr. A thuilleadh air a so, thug Dia 
foillseachadh glòirmhor air a ghradh do dhaoinibh, ann an 
cur a Mhac uaithe, gu bàs fhulang air an son. Tha e 
'g àithne do dhaoine anns gach kite, agus tabhairt cuireadh 
dhoibh, a bhi umhal dà, agus iad do chreidsinn an fhianuis 
a tha air a tabhairt ma thiomchaiì anns na scriobturaibh le 
gealladh ge bè chreideas gun teàrnar è. Anis ge bè nach 
creid an fhianuis so mu thiomchiol Chriosd, agus nach bi 
umhal dà mar an Sfanuighear, tha iad cha'n e mhàin 
aingidh an lathair Dhe, ach mar an ceudna air an dìteadh 

* Cronal. 



10 

arson an aingidheachd, agus gu h-àired, a chionn nacìi do 
chreid iad ann an ainm Mhic Dht. Feudaidh an leithidibh 
so do dhaoine a bhi glè chliùteach ameasg an co-chrèu- 
tairibh, gidheadh, tha'n staid uamhasach gun teagamh. 
Tha iad nan ceannaircich an aghaidh Righ na nèamh, do 
bhri gu bheil iad a diùltadh do Dhia an urram sin a tha 
dligheach dha; tha iad a deanamh di-meas air an tiodhlac 
as mò a dh'ulluich gràdh Dhè, air dhoibh a bhi diùltadh 
Slànuighear an domhain ; agus soisgeul na slàinte tha trìd 
Chriosd: agus mar sin tha iad cionntach do'n dànadas 
uamhasach sin, eadhon a bhi cur suarach* teisteas Dhè na 
firinn mar gu'm bhrèug a bhiodh innte. 

O gu'n gabhadh iadsan a bha gus an àm so neo-shuimeil 
mu na nithe so, anis gu cridhe iad ! gu h-àraid iadsan, a 
tha 'g iarraidh an cuibhrionn anns a bheath ta làthair, 
agus leagadh dèarmad air an aon ni fhèumail, gun smuain- 
ichidh iad gu cùramach air briathra Chriosd, " Ciod an 
tairbh a ta ann do dhuine ge. do chosnadh e an saoghal uije, 
agus anam fein a chall?" 

Agus ma's àill ìeis an Spiorad Naomh am beannachadh 
do pheacach air bith, — dearbh-shoilìearachd a thabhairt dà 
m'a staid pheacach fèin, agus mu fhireantachd iomlan 
Chriosd, bithidh e mar neach air a thabhairt gu saoghal 
nuadh. Chi e na h-uile nithe air doigh nuadh. Aidichidh 
agus mothaichi' e gur peacach thoill sgrios e fèin; ach air 
dha guth trocaireach Iosa a chluinntinn, — " Thigibh a'm 
ionnsuidhse sibhse uile a ta ri saothar, agus fuidh throm 
uallach, agus bheir mise suaimhneas dhuibh," tha e teicheadh 
arson tearmunn a chum an dòchais a chuireadh roimhe; 
agus aig earbsa anns an Tighearna amhàin arson fireantachd, 
agus neart, agus slàinte. 

Air dha bhi air a thabhairt gu staid nuadh, caithidh e 
beath nuadh. Anns an àm a chaidh seachad bha e 
smuanachadh air a bhi beò dhà fèin ach a nis bithidh e 
beò do Dhia. Am feadh a bha gràdh an t-saoghail a 
riaghladh na chridhe, bha e co cinnteach na fhear iodhal- 
aoraidh agus a tha'n dream a tha deanamh aoradh do 
Bhrama no Juggernaut ; f ach anis tilgidh e iodhalaibh 
airgid agus òir a chum nan ialtag agus nam famh: cha'n e 
gun tilg e air falbh gu neo shuimeil an t-ionmhas air an 
d'fhuar e seilbh, ach mar iodhal, euiridh e cùl ris gu bràch; 
agus measaidh e ionmhas amhàin, mar mheadhon a chum 
seirbhis a dheanamh do Dhia, agus a rioghachd agus a 
ghlòir a chuir air aghaidh anns an t-saoghal. 

* Deanamh tair air. f Iodhalaibh a measg nan Hindooach. 



11 

Feudaidh e tachairt, gum faic an Tighearna iomchuidh, 
gach seilbh thalmhaidh aicheadh dhà, agus fhàgal co bochd 
agus co lomnochd 'sa thanig e chum an t-saoghail; ach cha 
d'thoir an caìl so air a bhi ri bròn, mar iadsan aig nach eil 
dòchas, cha mho bheir e uaidh fior chofhurtachd air bith 
oir tha anam air a sliaoradh, agus tha e faghail* gach uile 
shaibhreas ann an Criosd. 

Tha gnothach àraid aig luchd aidmhel an t-soisgeul ris 
a cheist so thaobh call is buannachd. Bha i air a cur ri 
àheisciobuil le Criosd fein, agus tha i gu frtagarach air a 
cur riù anis. Beagan ùine an dèigh cur na ceiste so air 
thùs, thilg aon do na deisciobuil a ; , Ibh anam arson 
beagan do nithe an t-saoghail, agus chailleadh e. Bhrath 
agus reic e a Mhaighster arson deich buiun thichead airgid; 
agus fhuar e ainm ro mhaslach nach bi gu hràch ftir a dhi- 
chuineachadh — " Mac'an sgrios." 

Cha mhor gu bheil peacadh ann, a tha co tric, a faotuinn 
uiread do dh'uachdranas air luchd aidmheil is tha gaol an 
t-saoghail, do bhri gur peacadh e anns am bheil e comasach 
dhoibh dol air an aghaidh gun meas an co-chrèutairibh a 
chall, no eadhon deagh bharail na droing a tha 'g aidmheil 
maille riù. Cha'n fhaigh misgeir, no neach mi-bhèusach rùm 
ann an co-chomunn criosduidh sam bith a th'air a dheagh 

. m D 

riaghladh; ach cha neil mor chomhara dimeas air a chur 
air sannt, no grAdh do shaibhreas: cha neil e gu cumanta 
dùnadh dhaoine o àite measail anieasg chriosduighean, agus 
sin ann an cuid, do bhri gur peacadh cridhe e, nach urrain 
a bhi air f haicinn le dream eile na uile thomhasaibh agus 
antromachaibh; agus ann an cuid, do bhri gu bheil crios- 
duighean gu cionntach a' caogadhf ris eadhon far am bheil 
comharan soilleir e bhi buadhachadh, mar gum bu ghann a 
mheasadh iad e na pheacadh. 

Tha so 'ga dheanamh nis fèumaii gu'm biodh foca! Dè 
air a labiiairt r'an cridheachaibh agus r'an coguisibh gu 
soilleir agus gu dìlis, a chum gu faiceadh iad an ciont, 
agus gu'm biodh an cunnart air a leagadh ris doibh, Biodh 
an hythidibh sin cinnteach, gur diomhan a bhi saoilsinn rèite 
a dheanamh eadar seirbhis Dhè agus seirbhis Mhamom. 
Chan eii seirbhis Dhe idir an aghaidh aire iomchuidh do 
chofhurtachd duine fein agus a theaghlaich, anns an t- 
saoghal so. Seadh, tha focaì De 'g àithne suim iomch uidh 
do na nithe so, agus cha neil e toirmeasg toracìh saothair 
dhligheach a shealbhacha'; ach 's eigìn do na mthe so àite 
iomchuidh fhaotuinn aim an intinn fior chnosduigh. Fèum- 

* Faotuinn. f Wir.king. 



vz 

aidh e n saoghal a ghnùthacha, mar gun bhi ga mhi-gbnùth- 
acha; feumaidfa e ionmhas a bhi air nèan ' I 

bhi 'n sin; agus ciod air bith an tomhas a fcba seal 
do shaibhreas an t-saoghail, measaidh e nach leis I 
ach gur tàlann e tha air earbsa ris, gu bhi e thachj 

'na sheirbhis-san a bhuilich air e. Ach 's di idmhqj 

an duine aig am bheil a chridhe air an t-saoghal , I 
air, agus aig am bheil barachd gràidh d'a shai I 

am bheil beag suim do onair Chriosd, do shoi.ibheadia an 
t-soisguel, d ) uireasbhuidh nain bochd a leasacha'; nach 
d'thoir ni sam bitli arson nara fèumaibh mòra so, no ma bheir 
e beagan seachad, 's ann gu doilgheasach; mar gu'p-> 
o dealachadh ri iuiì a chridhe. Feudaidh tuigse siioilleir 
a bhi aige a leithid sin do dhuine air mòran do fhìrinnihh 
an Tighearna, feudaidh e bhi èudnìhor mu theagasg fallain, 
agus meas moi a bhi air ameasg Chriosduighean: ach am 
feadh sa tha a chridhe aig an t-saogha] ; 'scigin àireamh 
ameasg na muinntir a tha fad as o Dhia, a tha ann an 
domblas na seirbhe, agus fuidh chuibhreach na h-eucorach 
Gniomh viii. 23. 

" 'Se gaol an airgid frèumh gach uilc; ni am feadh a 
mhiannich drèam àraidh, chaidh iad air seacharan o'n 
chreidimh, agus throimh-lot siad iad fèm le it>madh cràdhr" 
agus an drèam le'n àill bhi beartach, tuitidh iad ann am 
buaireadh, agus ann an ribe, agus ann an iomad a:iamhiann 
amaideach agus ciurrail a bhàthas daoine ann am milleadh 
agus ann an sgrios. ,, 1 Tim. vi. 9, 10. 

Mo thruaigli! cia mòr an cuspair truais do Chrìosduigh- 
ean anns gach linn, am fear aidmheil sin mu 'n do labhair 
Pòl, 2 Tim. iv. 10. " thrèig Demas mi, air dha an saoghal 
so ta làthair a ghràdhacha'." Ge do mheasadhmaid gu'n 
do bhuithinn Demas cuspair a ghràidh, càit an robh a 
bhuannachd, ma chaill e anam fèin? 



CLOBHUAILTE LE EOIN NIVEN, 

Arson na Comunn ann an Glascho arson cnr mach 
leabraichean beag Criosduigh. 

Air an reic le M. Ogle, 8, Sràid-Wilson; A. & J. M. Dun- 
can, 173, Trongate; Steven & Friosal, 140, Tron- 
gate; agus Seumas Jackson, 69, Gallowgate. 

[Price 6à. per dozen, or 4s. per hundred.] 



ffiP 
m 



m 



m 



9m 



ws, 



••• 



$